Notes from the arranger
It is a great pleasure to present these arrangements of Scottish traditional music. Scotland has an incredibly rich folk-music heritage and I hope that this collection will help introduce harpists all over the world to this culture. In Scotland, the Scottish harp or Clarsach (lever harp) is a national instrument known from ancient times. Under the Clan system, the harpists had several functions amongst which was accompanying the Chief into battle, playing for ceremonial occasions and for making soothing music for clan members as they lay down to rest. Music in Scotland varies from area to area and sounds different depending on what part of Scotland you are in. To reflect this diversity I have tried to choose a wide range of tunes from various regions in this collection.
Ro-ràdh
Tha e fìor thlachdmhor a bhith a’ nochdadh nan rianan ciùil traidiseanta seo à Alba. Tha dualchas aig a’ cheòl dhùthchasach ann an Alba a tha anabarrach saidhbhir agus tha mi an dòchas gun cuidich an cruinneachadh seo le bhith a’ cur a’ chultair seo an aithne do chluicheadairean clàrsaich air feadh an t-saoghail. Ann an Alba, is e ionnsramaid nàiseanta a th’ anns a’ chruit Albannach no a’ Chlàrsach (clàrsach luamhain) air a bheil aithne agus cliù bho na h-aoisean àrsaidh. Ann an siostam nam fineachan bha mòran dhleastanasan aig na clàrsairean ri choileanadh, leithid a’ cumail cuideachd ris a’ Cheann-cinnidh a’ dol dhan bhlàr, a’ cluiche aig tachartasan deas-ghnàthach agus a’ cluiche ciùil sèimh do na buill-cinnidh nuair a bhiodh iad a’ dol nan sìneadh airson fois. Tha ceòl ann an Alba diofraichte bho cheàrnaidh gu ceàrnaidh agus cluinnear ceòl eadar-dhealaichte a rèir a’ cheàrnaidh de dh’Alba sa bheilear. Gus an iomadachd seo a thaisbeanadh, tha mi air feuchainn ri raon fharsaing de fhuinn bho dhiofar cheàrnaidhean a thaghadh airson a’ chruinneachaidh seo.
SUSBAINT ~ CONTENTS
1. Trì Puirt-cruinn Traidiseanta / Three Traditional Jigs
1a. Gu h-Aighearach Dhanns Bean a’ Chuaigeir / Merrily Danced the Quaker’s Wife
1b. Balaich an Stàbaill / The Stable Boys
1c. Soraidh Slàn MhicCoinnich le Cataibh / McKenzies’s Farewell to Sutherland
2. Bràighe Loch Iall / Braigh Loch Iall
3. Pòs Mi sa Mhionaid / Marry Me Now
4. Tha an Diabhal air falbh leis a’ Ghàidsear / The Deil’s Awa Wi’ th’ Exciseman
5. Atharrachaidhean air Tulach Gorm / Variations on Tullochgorum
6. Taigh Coilsfield / Coilsfield House
7. Trì Ruidhlichean Albannach / Three Scottish Reels
7a. na Mnatha Uasail Shutharlanach / Lady Sutherland’s
7b. Rachaidh Sinn air ais dhan Bhaile Ud / We’ll Aye Gang Back Tae Yon Toun
7c. A’ Bhean Uasal NicGumaraid / Lady Montgomerie
8. Srath-spè agus Ruidhlichean / Strathspey and Reels
8a. Làir an Earbaill Ghlais / The Futterat wi’ the Grey Tail
8b. Dannsa bhon Ghàidhealtachd a Tuath / North Highland Dance
8c. Sìne Dhonn am Breabadair / Jenny Dang the Weaver
Reviews
There are no reviews yet.